1973 Latha cho dorch sa chunnaic mi riamh Tancaichean air na sràidean Cuirp air an rathaidean Taing gu na Stàitean Aonaichte Bhàsaich Allende 's e fhathast a' strì Mharbh iad saorsa 's deamocrasaidh Chaidh saorsa a losgadh sìos Air an aonamh latha deug Taing gu na Stàitean Aonaichte Na bruidhinn riumsa mu dheamocrasaidh Na bruidhinn riumsa mu shaorsa 's sìth Clann a chaill an athair Clann a chaill am mathair Taing gu na Stàitean Aonaichte Na bruidhinn riumsa mu dheamocrasaidh Na bruidhinn riumsa mu shaorsa 's sìth Kissinger, Pinochet - càit a bheil an ceartas? Eucoraich cogaidh Cuimhnich an fheadhainn a bhàsaich Cuimhnich an t-uabhas 's an spadadh Mairead Thatcher agus Pinochet A' gabhail strupag Dà uilbheist Nan creidsinn an ann crochadh (Ach tha sinn nas fheàrr na sin) Chanainn gum bu chòir an dithis aca A bhith dannsadh air ceann ropa! Cuimhnich na rinn iad ann an Nicaragua 'S na tha iad ag iarraidh do Venezuela Na rinn iad anns a' Chongo Iran 's a' Ghreig - 's a-màireach? Mallachd air na Stàitean Aonaichte!