bi mo leannan geal is àlainn
le briathran geallaidh thar chaich
bi sinn drùidhte an smùid an aoibhnis
an oidhche phòsas mo rùn
 
nam shuidhe cluinntinn ceòl a' rèitich
's duilich cur an aghaidh dàn
a' feitheamh son a làmh a mhaireas
an oidhche phòsas mo rùn
 
tog glainne mhòr na slàinte
thoir an cearcall chun an làr
thèid sinn cuairt taobh cùil na gealaich
an oidhche phòsas mo rùn
 
tha i na seasamh aig a' rèiteach
thèid na reultan bun os cionn
's thèid a ghrian air chall gu madainn
an oidhche phòsas mo rùn
 
togaidh sinn horo ghealaidh
horo ghealaidh horo togaidh
sinn horo ghealaidh
horo ghealaidh horo