's iomadh oidhche fhliuch is thioram
sìde nan seachd sian
gheibheadh Criogal dhomh-sa creagan
ris an gabhainn dìon 

eudail mhòir a shluaigh an Domhain
dhòirt iad d'fhuil an dè,
's chuir iad do cheann air stob daraich,
tacan beag bho d'chre

obhan obhan obhan iri
obhan iri o
obhan obhan obhan iri
's mòr mo mhulad 's mòr

b' annsa bhi le Criogal cridhe,
teàrnadh chruidh le gleann,
na le Bàran Mòr na Dàlach,
sìoda geal mu m' cheann.

obhan obhan obhan iri
obhan iri o
obhan obhan obhan iri
's mòr mo mhulad 's mòr

nuair bhios mnathan òg a' bhaile
nochd 'nan cadal sèimh,
's ann bhios mise air bruaich do lice,
Bualadh mo dha làimh.

obhan obhan obhan iri
obhan iri o
obhan obhan obhan iri
's mòr mo mhulad 's mòr