tha faileas air an airigh
faileas air an airigh
tha 'n long a-muigh 'ceann a bhàigh
air madainn Chèitean tràth
 
tha grian ar cuimhne ag èiridh
grian ar cuimhne ag èiridh
a' siubhal sràidean dùthaich ghalld'
tro bhailtean saoghal chèin
 
tha 'm feasgar ciùin 's na siantan blàth
tha grian 's an iar mar mheall de'n òr
an cuan mar sgathan gorm gun sgleò
is bu mhòr mo mhian bhi 'n Uibhist leat
 
togaidh sinn ar fonn an àrd
togaidh sinn ar fonn an àrd
's ged' tha mi fada bhuat
cha dhealaich sinn a' chaoidh