Ruith's a mhonadh
Ruith nam beann
'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh 
'Nar clann
Aig coig bliadhna dh'aois
'S gun facal beurla 'nar ceann
Seo do leabhar
Sea do pheann
"Dean do leasan," thuirt iad riumsa
" 'S gunn eirich sibh suas anns an t-saoghal
'S gheibh sibh an adhart ann
Fichead bliadhna'airson firinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn
Dh'ionnsaich sinn a leithid ann
Canan's bardachd, bardachd Bheurla
Ceol na Gearmailt
Eachdraidh na Spainnt
'S b'e sin an eachdraidh mheallt
Bhon sgoil do'n oilthigh chaidh sinn ann
A' leantail foghlum, tuilleadh foghlum
Mar amadan air deiradh streang
Seorsa de dh'fhoghlum 'nam cheann
Fichead bliadhna'airson firinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn
Ach dh'eirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise, 's fhuair mi leine
Fhuair mi aite ann an suilean dhaoin
Fada bhon mhonadh mi'n drasd
Carson a chum iad eadchraidh bhuainn
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas eirich clann nan Gaidheal suas
Le ceistean sireach is cruaidh
Fichead bliadhna'airson firinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn
Nuair a thoisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shuilean
Obair olc