nach neònach neisd a tha e
a bhi seòladh air ais a rithis
cha bhi thusa mar a b'abhaist
nam choinneamh air a chidhe
's cha d'fhiach an teine oidhche
gun do chomhradh 's do ghair,
chan fhaic mi thu a rithis.

ged tha an la cho buaidheach,
's ged tha an t-àite cho brèagha
's ged tha a'ghrian a'deàrrsach,
's ged tha a'mhuir cho ciùin
's ged tha mi mar an fhaoileag,
cho sona 's cho saor,
chan fhaic mi thu a rithis.

atharrachaidh an t-saoghal
mar a dh'atharraicheas an t-sìde
aon là tha a'ghlainne 'g èirigh
's an ath là tha i sìos
chunnaic mi an t-uisge
's chunnaic mi a'ghrian
ach chan fhaic sinn do leithid a rithis.