bha mi raoir a' siubhal drathair
's thàinig dealbh do mo làimh
dealbh mo sheannmh'air is mo shean'air
's balach òg na shuidh' ri'n taobh

's iad ag obair aig na sguaban arbhair
shuidh mi g'an coimhead fad' na h-oidhch'
thàinig cianalas na m'chridhe
's thàinig cuideam na mo làimh

uair eile gu bhith dhachaidh
uair eile gu bhith beò
ruith mu'n cuairt na sguaban arbhair
uair eile gu bhith òg.

cha'n e aois a tha mi sàbaid
cha'n e mo bheatha nach eil slàn
's e bhith fuireach ann a' saoghal maide
le chuid daoin' nach tuig mo chainnt.

(chorus)

dh'fhalbh mo sheannmh'air 's mo shean'air
thuit na sguaban arbhair sios
Dh'fhalbh mi gu saobhal eile
'S dh'fhalbh a' Ghàidhlig bho mo bheul.

(chorus)