bha mi raoir a' siubhal drathair 's thàinig dealbh do mo làimh dealbh mo sheannmh'air is mo shean'air 's balach òg na shuidh' ri'n taobh 's iad ag obair aig na sguaban arbhair shuidh mi g'an coimhead fad' na h-oidhch' thàinig cianalas na m'chridhe 's thàinig cuideam na mo làimh uair eile gu bhith dhachaidh uair eile gu bhith beò ruith mu'n cuairt na sguaban arbhair uair eile gu bhith òg. cha'n e aois a tha mi sàbaid cha'n e mo bheatha nach eil slàn 's e bhith fuireach ann a' saoghal maide le chuid daoin' nach tuig mo chainnt. (chorus) dh'fhalbh mo sheannmh'air 's mo shean'air thuit na sguaban arbhair sios Dh'fhalbh mi gu saobhal eile 'S dh'fhalbh a' Ghàidhlig bho mo bheul. (chorus)