bho m' uinneag tràth beinn Ianabhaig ag èiridh suas a' ghrian air a chùl cuir òr air a' bhagh madainn blàth dealbh beò tha a' Chuilthionn gun cheò 's chan eil sgoth air m' aire mi coiseachd moch tràth na bàtaichean 's a Chamus Ban ceò teas anns a' fhraoich air an t-eilean uaine tha ghrian a sìneadh sios air sràidean Phort Rìgh 's ged tha mi cho sunndach b' fheàrr gun robh mi fuireach